Argyll and Bute Council

02/02/2017 | Press release | Distributed by Public on 02/02/2017 11:15

Dreachd Den Bhrath-Naideachd

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith soirbheachail ann a bhith faighinn taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba gus sgeama air-loidhne a thòiseachadh gus cothrom a thoirt do choimhearsnachdan co-dhùnadh a dhèanamh air mar a ghabhadh £15,000 a chosg gus 'a' Ghàidhlig a neartachadh agus a thoirt air adhart' air feadh na sgìre. Faodaidh daoine beachdan a thoirt seachad air an làrach-lìn air mar a ghabhadh an t-airgead a chosg agus faodaidh iad bruidhinn mu na beachdan sin. Bidh cothrom aig daoine sin a dhèanamh air http://tiny.cc/growinggaelic eadar 23 Faoilleach agus 6 Màrt.

Bidh an dàrna h-ìre den phròiseas a' tachairt eadar 6 Giblean is 6 Cèitean nuair a bhios cothrom aig daoine bhòtadh airson nam beachdan a tha iad a' smaoineachadh a bu chòir maoineachadh fhaighinn.

Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Taigheadas Ro-innleachdail, Gàidhlig, Choimhearsnachdan is Cultair, an Comhairliche Robin MacMhuirich: 'Le buidseatan com-pàirteach faodaidh coimhearsnachdan co-dhùnadh a dhèanamh air mar a thèid sùim shònraichte de dh'airgead a chosg gus diofar a dhèanamh, agus thèid an t-airgead sin a chosg gus a' Ghàidhlig a thoirt air adhart an uair sin.

'Bheir seo cothrom don choimhearsnachd pàirt a ghabhail sna co-dhùnaidhean air mar a thèid an t-airgead seo a chosg, agus bheir e cothrom dhuinne coimhead air na dòighean san urrainn dhuinn conaltradh nas fheàrr a dhèanamh le daoine san sgìre againn, sgìre a tha gu math farsaing. Bhrosnaichinn a h-uile duine gu bhith tadhal air an làrach-lìn agus pàirt a ghabhail san iomairt seo.'

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact seo, tadhlaibh air an làrach-lìn no cuiribh fios gu: [email protected]