Argyll and Bute Council

03/29/2017 | Press release | Distributed by Public on 03/30/2017 09:13

Dèanaibh cinnteach gu bhòt sibh sa Chèitean

Thathar a' brosnachadh dhaoine air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bhith dèanamh cinnteach gu bheil iad clàraichte airson bhòtadh mus tèid an taghadh airson na comhairle a chumail air 4 Cèitean.

Thathar gu sònraichte ag iarraidh daoine aois 16 is 17 a bhrosnachadh gu bhith clàradh, oir faodaidh iad bhòtadh.

Gus pàirt a ghabhail san taghadh, feumaidh luchd-bhòtaidh a bhith clàraichte ro dheireadh Dhiluain, 17 Giblean. Mura h-eil sibh clàraichte airson bhòtadh, faodaidh sibh clàradh air-loidhne - feuch gun tadhail sibh air: www.gov.uk/register-to-vote

Tha diofar dhòighean sam faod sibh bhòtadh. Faodaidh sibh bhòtadh le bhith tadhal air ionad-bhòtaidh air an latha fhèin, no faodaidh sibh bhòtadh tron phost, no le bhith ag iarraidh air neach eile bhòtadh às ur leth.

Às bith dè an dòigh san gabh sibh pàirt san taghadh, feumaidh sibh a bhith clàraichte ma tha sibh ag iarraidh bhòtadh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu bhith bhòtadh air ar làrach-lìn - www.argyll-bute.gov.uk/elections

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/mar/make-sure-you-can-have-your-say-may