OFCOM - Office of Communications

11/13/2018 | Press release | Distributed by Public on 11/13/2018 07:10

Ofcom appoints new Chairman of MG ALBA

Tha Ofcom an-diugh air ainmeachadh gun deach Ailean Dòmhnallach a shuidheachadh ann an dreuchd mar Chathraiche ùr MG ALBA, am buidheann a tha an urra ri bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine ann an Alba air prògraman telebhisein Gàidhlig de dh'àrd-chàileachd.

Chaidh moladh Ofcom air an dreuchd aontachadh le Leas Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Mgr Iain Swinney, BPA. Tha seo an dèidh pròiseas taghaidh neo-eisimeileach a chaidh a dhèanamh le Ofcom ann an Alba. Tòisichidh Ailean san dreuchd air 1 Faoilleach 2019.

Tha Ailean Dòmhnallachfileanta sa Ghàidhlig. Tha e air a bhith an sàs ann an riochdachadh agus rianachd ann an craoladh Gàidhlig rèidio agus telebhisean thairis air 40 bliadhna. Bha e cuideachd na Cheannard air mneTV. companaidh spòrs agus cur-seachad, agus na stiùiriche air purple TV, riochdaire didseatach agus telebhisean.

Bha e ag obair airson 12 bliadhna aig a' BhBC, 2 bhliadhna aig Grampian TV agus 25 bliadhna anns an earrann telebhisean neo-eisimeileach le eòlas air obair naidheachd agus cuisean làithreach ann an rèidio, telebhisean agus pàipearan naidheachd, cho math ri bhith na àrd-riochdaire, na riochdaire agus na stiùiriche air raon farsaing de phrògraman coitcheann nam measg prògraman aithriseach, creideimh, comadaidh agus ciùil.

O chionn ghoirid tha air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig (am prìomh bhuidheann poblach ann an Alba a tha an urra ri bhith ag adhartachadh leasachadh na Gàidhlig), bha e ron seo na bhall de Bhòrd Colaisde a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh, agus de Bhòrd Skillset ann an Alba. Airson sia bliadhna bha mar Chathraiche den earrann telebhisein neo-eisimeileach ann an Alba (PACT) agus bha e na stiùiriche air PACT (UK) ann an Lunnainn.

Thuirt Glenn Preston, Stiùiriche Alba air Ofcom: 'Tha sinn air leth toilichte Ailean a shuidheachadh mar Chathraiche ùr MG ALBA aig àm riatanach do chraoladairean agus an earrann riochdachaidh ann an Alba.

'Bidh an t-eòlas a tha aig Ailean air a' ghnìomhachas, air cùisean coimeirsealta agus neo-ghnìomhach luachmhor ann a bhith a' cuideachadh MG ALBA leantainn air adhart a' libhrigeadh phrògraman telebhisein de dh'àrd-chàileachd ann an Gàidhlig do dhaoine air feadh Alba.'

Thuirt John Swinney BPA, Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean: 'Tha mi a' cur fàilte air an naidheachd gun deach Ailean Dòmhnallach a shuidheachadh mar Chathraiche MG ALBA. Is e suidheachadh cudromach a tha seo aig àm dùbhlanach do BhBC ALBA.

'Tha eòlas air leth farsaing aig Ailean air saoghal craolaidh agus tha raon farsaing de sgilean riatanach aige a bhios air leth feumail do MG ALBA agus am buidheann sin a' leantainn air adhart ann an com-pàirteachas leis a' BhBC gus susbaint de dh'àrd-chàileachd agus ùr-nòsach a thabhann do luchd-amais ann an Alba.'

A' CHRÌOCH

FIOS DO LUCHD-NAIDHEACHD

  1. Chaidh Ailean a shuidheachadh air Bòrd na Gàidhlig sa Ghiblean 2014, agus bha e an dèidh sin na Leas-Chathraiche agus na Chathraiche Eadar-amail mus deach a shuidheachadh mar Chathraiche ann an 2015. Bidh e a' fàgail Bòrd na Gàidhlig air 31 Dùbhlachd 2018 agus thèid a shuidheachadh mar Chathraiche air MG ALBA (airson 4 bliadhna) air 1 Faoilleach 2019.
  2. Is e dleastanas MG ALBA (ainm-obrach Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Conaltraidh 2003 a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil raon farsaing agus eadar-dhealaichte de phrògraman telebhisein Gàidhlig de dh'àrd-chàileachd air an lìbhrigeadh do dhaoine ann an Alba.
  3. Tha an suidheachadh mar thoradh air pròiseas taghaidh neo-eisimeileach a bha a' cleachdadh measadair neo-eisimeileach. An dèidh Achd na h-Alba 2016 a dhol tron Phàrlamaid, is ann aig Ministearan na h-Alba a-mhàin a tha an cumhachd a bhith ag aontachadh suidheachaidhean OFCOM air bòrd MG ALBA. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a' suidheachadh bhall air Bòrd MG ALBA anns an Memorandum of Understanding between the UK Government, Scottish Government, Scottish Parliament and the Office of Communications.