Highland Council

09/01/2022 | News release | Distributed by Public on 09/01/2022 08:10

A’ Chomhairle a’ cur fàilte air duaisean GLAIF

Tha Buill Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air fàilte a chur air an naidheachd gun deach maoineachadh Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) de £101,675 fhaotainn airson ceithir prìomh phròiseactan.

Bheir am maoineachadh cothrom do Sgioba Gàidhlig na Comhairle obrachadh ann am com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile gus cuideachadh le bhith a' lìbhrigeadh an dà chuid plana na Comhairle agus plana a' Bhùird.

Chaidh £60,000 fhaotainn airson Com-pàirteachas Ro-innleachdail Breith gu Trì eadar am Bòrd agus a' Chomhairle agus tha buaidh shusbainteach aig a seo air roinn 0-3 na Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa, Drochaid a' Bhanna, Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Gleann Urchadain, Baile Ùr an t-Slèibh, Ullapul, Geàrrloch, Àth Tharracail, Malaig, agus Baile a' Chaolais. Thathar cuideachd a' coimhead air dòighean gus taic a thoirt dhan Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse san àm ri teachd.

Chaidh £30,000 fhaotainn airson Gàidhlig airson Inbhich agus seo ag amas air barrachd chothroman ionnsachaidh sa Ghàidhlig a thoirt seachad do dh'inbhich sa Ghàidhealtachd. Bithear ag amas gu sònraichte air sgìrean far a bheil solar FtG mar-thà ann an sgoiltean, agus thèid barrachd chlasaichean air-loidhne a thoirt seachad seach gun robh fèill mhòr orra tron ghlasadh nuair nach robh e comasach coinneachadh aghaidh ri aghaidh.

Chaidh maoineachadh GLAIF £5,675 fhaotainn airson Gàidhlig anns a' Choimhearsnachd. Bidh am pròiseact a' lìbhrigeadh prògram de chleasan tron Ghàidhlig do chloinn is do dhaoine òga a tha a' dol gu FtG àrd-sgoile ann an Inbhir Nis agus san Sgìre a Tuath. Thèid am prògram a lìbhrigeadh thairis air a' bhliadhna, a' gabhail a-steach prògram chleasan samhraidh airson 2023, agus bidh cothrom aig na com-pàirtichean a' Ghàidhlig a chluinntinn tro shaor-làithean na sgoile.

Tha teaghlaichean ann an coimhearsnachd sgoile Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach gu bhith a' faighinn buannachd bho dhuais £6,000 airson Prògram Taic BSGPR. Bheir am pròiseact cothrom do dhaoine òga am fileantas sa Ghàidhlig agus an comas conaltradh sa Ghàidhlig a leasachadh tro bhith a' gabhail pàirt anns na gnìomhan is na tachartasan a thathar a' cur air dòigh. A' togail air soirbheachas club seòlaidh às dèidh sgoile a chaidh a chumail ann an 2021, thèid fèis spòrs Ghàidhlig a chur air dòigh airson sgoilearan FtG ann am bun-sgoiltean Chille Mhoire, Dhùn Bheagain agus Stafainn ann an 2022/23.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: "Tha duaisean GLAIF Bhòrd na Gàidhlig riatanach a thaobh a bhith a' toirt comas do Sgioba Gàidhlig na Comhairle deagh phròiseactan com-pàirteach a leasachadh le buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean luchd-ùidhe Gàidhlig, agus tha seo a' cuideachadh gus prìomhachasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a choinneachadh.

"Thar gach rud, tha na pròiseactan GLAIF a' toirt cothrom do dhaoine a' Ghàidhlig a chluinntinn, a labhairt agus a chleachdadh anns na coimhearsnachdan aca."

Councillors welcome GLAIF awards

Members of The Highland Council's Gaelic Committee have welcomed Bòrd na Gàidhlig's award of £101,675 Gaelic Language Act Implementation funding for 4 key projects.

The funding will enable the Council's Gaelic Team to work in partnership with Bòrd na Gàidhlig and other organisations to assist in the delivery of both the Council and the Bòrd's Gaelic plans.

£60,000 has been awarded for the Birth to Three Strategic Partnership between the Bòrd and the Council which has had a substantial impact on the 0-3 Gaelic sector in Thurso, Bonar Bridge, Tain, Dingwall, Inverness, Nairn, Glenurquhart, Newtonmore, Ullapool, Gairloch, Acharacle, Mallaig, and Ballachulish with a view to looking at how to support the Skye and Lochalsh area in future.

£30,000 was awarded to Gàidhlig airson Inbhich (Gaelic for Adult Learning) which aims to increase Gaelic learning opportunities for adults in Highland focussing on areas where there is existing Gaelic Medium provision in schools, with provision of online classes increasing following their popularity after being introduced as an alternative to in person classes during lockdown.

Gàidhlig anns a' Choimhearsnachd (Gaelic in the Community) received £5,675 GLAIF funding to deliver a programme of Gaelic medium activity sessions for children and young people attending Gaelic Medium secondary education in the Inverness and North areas. The programme will be delivered over the year including a summer activity programme for 2023 which will enable participants to hear Gaelic during the holidays.

Families in the school community of Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh on the Isle of Skye are to benefit from a £6,000 award for Prògram Taic BSGPR. This project will enable young people to further develop their fluency and ability to communicate in Gaelic through participating in organised activities and events. Building on the success of an after-school sailing club held in 2021, a Gaelic sports festival will be organised for Gaelic Medium Education pupils in Dunvegan, Kilmuir and Staffin primaries in 2022/23.

Gaelic Committee Chair, Cllr Calum Munro said: "The GLAIF awards from Bòrd na Gàidhlig are vital in enabling the Council's Gaelic Team to deliver and develop positive partnership projects with community groups and Gaelic stakeholder organisations which help to meet the priorities of the National Gaelic Plan and Highland Council's Gaelic Language Plan.

"Most importantly the GLAIF projects allow people the opportunity to hear, speak and use Gaelic in their communities."